Rannan Ùra – New Verses

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte cothrom sònraichte a thabhann do dhaoine òga aig a bheil ùidh ann a bhith sgrìobhadh òrain Ghàidhlig.

Thèid Rannan Ùra a’ stiùireadh leis an t-seinneadair is sgrìobhaiche-òrain ainmeil Alasdair MacIlleBhàin. Bheir Alasdair taic is brosnachadh do chom-pàirtichean an cuid sgilean a leasachadh le comhairle air mar a b’ urrainn dhaibh na beachdan aca a thionndadh gu òrain ùra.

Thèid bùithtean-obrach a chumail air na cinn-latha a leanas

Glaschu (Ionad Theatar Òigridh) – 2/3 Màrt (10m-4f gach latha)

Bidh na bùithtean-obrach seo fosgailte do chom-pàirtichean eadar 18-25 bliadhna a dh’ aois.

Inbhir Nis (Àite ri dhearbhadh) – 9/10 Màrt(10m-4f gach latha)

Bidh na bùithtean-obrach seo fosgailte do chom-pàirtichean eadar 14-20 bliadhna a dh’ aois.

Cosgaidh Rànnan Ùra £10, no £25 ma tha àite-fuirich a dhìth. Thèid biadh a chuir air dòigh gach latha ‘s bidh taic ri fhaotainn le siubhail ma bhios sin a dhìth. Thèid luchd-aire a chuir air dòigh airson com-pàirtichean a tha nas òige na 18.

Airson tuilleadh fiosrachaidh faic: www.feisean.org/rannan-ura/ ‘s tha foirm-iarrtais ri fhaighinn aig https://goo.gl/forms/HS2ajExo0IraKtJ32

With support from Bòrd na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal are delighted to announce a new Gaelic songwriting project Rannan Ùra (New Verses) giving young people aged 14-25 the opportunity to develop their writing skills.

Rannan Ùra will be directed by leading Gaelic singer and songwriter Alasdair Whyte who will support and direct participants allowing them to develop their ideas and bring confidence to their writing.

Workshops will be held on the following dates:

Glasgow (Scottith Youth Theatre): – 2/3 March (10am – 4pm each day)

This weekend of workshops will be held in Glasgow and will be open to 18-25 year olds.

Inverness (Venue TBC): 9/10 March (10am – 4pm each day)

This weekend of workshops will be open to 14-20 year olds.

Rannan ùra will cost £10 per participant, or £25 if accommodation is required. Lunches and teas/coffees will be provided each day and support with travel can also be provided. Suitable supervision will be arranged for participants who are under 18 years old.

For more information visit https://www.feisean.org/en/creative/rannan-ura-new-verses/ and an application form can be found at: https://goo.gl/forms/HS2ajExo0IraKtJ32

Comments are closed.